Skip to Content

Partner Event

North Harris tree planting

11 Nov 2022 - 28 Apr 2023

Lacasdail bottom car park (near Tarbert)

Tha Urras Ceann a Tuath na Hearadh a’ làimhseachadh Oighreachd Ceann a Tuath na Hearadh às leth na coimhearsnachd. ’S e seo aon de na h-oighreachdan coimhearsnachd as motha ann an Alba.

Tha Urras Iain Mhuir air taic a chumail ris a’ phròiseact on fhìor-thoiseach, nuair a chaidh am fearann a cheannach ann an 2003. Tha a’ choimhearsnachd air iomadh rud a dhèanamh on uair sin a thaobh leasachadh na h-oighreachd, gus cothrom na Fèinne a thoirt an dà chuid don choimhearsnachd agus don àrainneachd.

Nach toir sibhse taic ri obraichean Urras Ceann a Tuath na Hearadh is iad a’ fàs coilltean ionadail air an fhearann aca. Cuiridh sibh craobhan, coinnichidh sibh ri daoine ùra, gheobh sibh tlachd às an dùthaich, agus bruidhnidh sibh Gàidhlig!

Làithean: Gach Aoine bhon 11 Samhain 2022 dhan 28 Giblean 2023

Airson barrachd fiosrachadh fhaotainn, no airson a bhith an sàs, nach leig sibh fios gu Fañch Bihan-Gallic (Maor-dùthcha na Hearadh) aig ranger@north-harris.org no 01859 502 222

Bidh seachdainean saor-thoileach slàn cuideachd sna làithean a leanas:

  • 21-25 Samhain
  • 28 Samhain – 2 Dùbhlachd
  • 26 -30 Dùbhlachd
  • 16-20 Faoilleach
  • 6-10 Gearran
  • 13-17 Màrt

___________________________________________

Join the North Harris Trust volunteers and help create a network of woodland habitat across the estate.

North Harris makes up one of the largest community owned estates in Scotland, and is managed on behalf of the community by the North Harris Trust.

The John Muir Trust is proud to have supported the project since the initial buyout in 2003, as it works to increase employment opportunities, address local housing needs, and protect and enhance North Harris’ wonderful cultural and natural heritage.

Join the North Harris Trust as they work to create a network of woodland habitat across the estate. You'll be planting trees, making friends, and enjoying some spectacular Hebridean scenery along the way!

Dates: Every Friday from 11 Nov 2022 to 28 Apr 2023

For more information, or to sign up, contact Fañch Bihan-Gallic (North Harris Ranger) at ranger@north-harris.org or 01859 502 222

There will also be full week volunteer opportunities on the following dates:

  • 21-25 November
  • 28 Nov – 2 December
  • 26 -30 December
  • 16-20 January
  • 6-10 February
  • 13-17 March
Read Next

Glen Tanar and Balmoral conservation days

Read Previous

Glenlude volunteering days

Go to

Events